ENGLISH
Sin Thu Fhein

Fàilte gu làrach-lìn Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS), agus gu saoghal craolaidh na Gàidhlig.

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig ag obair airson dèanamh cinnteach gum bi taghadh farsaing de dheagh phrògraman ann an Gàidhlig air am faotainn le daoine an Alba.

Ann an 2008, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, cuiridh sinn seirbheis ùr telebhisean an greim san Rìoghachd Aonaichte air saideal, cabal is air-loidhne. Tha sinn cuideachd a’ cur romhainn fhìn gum bi an t-seirbheis ùr air telebhisean a didseatach (Freeview) aon uair 's gun tèid suidse didseatach a choileanadh ann an Alba a tuath agus am meadhan Alba (2010/11).

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig ag amas air a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach iarrtas air a shàsachadh a leanas gu seirbheis craolaidh Gàidhlig a tha soirbheachail

  • gnìomhachas beothail airson a bhith a' cruthachadh stuthan didseatach sa Ghàidhlig;
  • ro-innleachd an greim ann an co-bhanntachd ri buidhnean eile airson trèanadh sa ghnìomhachas;
  • sruthan tarraingeach de thàlant is de bheachdan;
  • rannsachadh agus ceanglaichean beò ris a’ choimhearsnachd de luchd-amais;
  • cleachdadh na Gàidhlig mar chànan obrach; agus
  • stèidh ionmhais is stèidh laghail a tha làidir mu choinneimh nan dùbhlan craolaidh is politigeach a thig am bàrr san ùine chaochlaidich a tha romhainn.

A bharrachd air a bhith a’ gleidheadh agus a’ neartachadh dilseachd an luchd-amhairc Gàidhlig, tha sinn cuideachd a’ cur mu choinneimh na seirbheis ùir àireamhan meadhanach mòra de luchd-amhairc a thàladh bhon choimhearsnachd fharsaing.

ALBA:  A cho-bhunntachd

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk